Tuesday, 18 March 2008

Mo Chiad Bhlog

Bu mhath leamsa blog a sgrìobhadh anns a' Gàidhlig. Nam bheachd-sa bhiodh sin cothrom math mo Gàidhlig a leasachadh. Tha mi a' fuireach ann am baile bheag àbhaisteach ann an Alba, air a' Ghalltachd, ann an Siorrachd Air a Tuath. Nuair a bhios mi a sgrìobhadh, tha tòrr, tòrr fhaclairean ri mo thaobh- b' fheàrr leam gum b' urrainn dhomh sgrìobhadh às an aonais. Tha e nas fhasa a-nis airson inbheach Gàidhlig air a' Ghalltachd ionnsachadh na bha e fichead bliadhna air ais. Tha mi air a bhith a' dol gu clasaichean Gàidhlig ann an Siorrachd Air a Tuath fad bliadhnaichean (tha a' Comhairle gan ruith), agus dà bhliadhna air ais bha mi anns a' chùrsa Gàidhlig ann an colaiste Stow ann an Glaschu cuideachd. Tha mise làn dhen bheachd gu bheil an eadar-lìon uabhasach feumail do luchd-ionnsachaidh. A bharrachd air a sin, 's toil leam a bhith a'coimhead air prògraman Gàidhlig de gach seòrsa (m.e. 'Eorpa' agus 'Na Daoine Beaga').